Thursday 1 November 2018

SOLAS AN FHACAIL: SEARMON AIRSON SABAID A' BHIOBAILL


SOLAS AN FHACAIL

Searmon airson Sàbaid a’ Bhìobaill

Salm 119, earrann 105: ‘Is lòchran d’ fhacal dom chois agus solas dom cheum’.

 



Mar a tha fhios aig a’ mhòr-chuid agaibh, buinidh mise do dh’eilean Thiriodh, agus bidh mi a’ tilleadh ann gu math tric.  Nuair a bha mi aig an taigh aig àm na Càisge am bliadhna, chaidh mi air chuairt a dh’fhaicinn togalach a bha mi a’ miannachadh fhaicinn fad mo bheatha.  B’ e an togalach sin Taigh-solais na Sgeir Mhòir, mu dhusan mìle an iar dheas air Tiriodh.

Bu tric a bhithinn a’ faicinn na Sgeir Mhòir air an astar, agus an taigh-solais mar phrìne beag bìodach.  Nuair a theannadh an oidhche, chìthinn gathan lainntear an taigh-sholais a’ deàrrsadh thall air fàire.  Bha na gathan sin a’ toirt rabhadh do gach maraiche gun robh creagan cunnartach faisg air làimh, agus gum feumadh e an seachnadh.  Fad ochd fichead bliadhna agus a ceithir deug, bha an taigh-solais na sheasamh air an sgeir, agus a theachdaireachd laiste a’ boillsgeadh gach oidhche.

Mu dheireadh thall, fhuair mi an cothrom dol ga fhaicinn.  Air latha grianach earraich, agus an speur gorm ’s an cuan rèidh, thog sinn oirnn air bàta luath làidir.  Cha b’ fhada gus an robh am prìne beag a’ fas na bu mhotha agus na bu mhotha, gus an robh e an ceann uair an uaireadair ag èirigh gu greadhnach os ar cionn, ceud is trì fichead troigh os cionn na mara.  B’ ann an siud a bha an sealladh!   

Gus am faca mi e cho dlùth dhomh, cha do thuig mi cho mòr ’s a bha an taigh-solais an ceart da-rìribh, no cho seasmhach, ’s a bhunait anns an dearbh chreig chruaidh a rinn lom-sgrios air iomadh luing mus do thogadh an taigh-solais eadar na bliadhnachan ochd ceud deug is ochd deug air fhichead, agus ochd ceud deug, dà fhichead agus a ceithir.   Is beag an t-ioghnadh gu bheil taigh-solais na Sgeir Mhòir ainmeil air feadh an t-saoghail.

Leugh mi uair is uair mar a chaidh an taigh-solais a thogail le spàirn mhòir agus le cruadal leis a’ ghaisgeach à Dùn Èideann, Ailean Stevenson, agus a sgioba treun de luchd-ciùird.  Chuir iad iad fhèin ann an cunnart iomadh uair airson an solas prìseil seo a lasadh agus dìon a chur air bàtaichean is maraichean

’S e samhladh cumhachdach a tha ann an taigh-solais den t-seòrsa.  Nuair a bha mi a’ deasachadh airson na seirbhis seo, agus m’ inntinn a’ cagnadh briathran an t-Salmadair, thàinig an latha earraich ud air a’ chuan air ais thugam, agus bha mi nam shuidhe a-rithist anns a’ bhàta, a’ togail mo shùilean chun an t-solais a bha àrd os mo chionn.  ‘Is lòchran d’ fhacal dom chois agus solas dom cheum’, thuirt an Salmadair.

Bha an Salmadair a’ beachdachadh air solas air bàrr cruinn (‘lòch’ air ‘crann’), a bhiodh aca anns na lathaichean aigesan, rudeigin coltach ri lainntear, mar a bhiodh againne air tìr.  Ach nam biodh e aig muir anns an latha againne, bhiodh ‘ceum’ aige cuideachd, ’s e a’ feuchainn ri cumail air a chùrsa, a dh’aindeoin gach suaineadh is roilleadh anns a’ chuan, ’s lòchran an taigh-sholais ga threòrach.

Is toigh leam samhladh an lòchrain gu mòr, ge bith dè an dealbh a tha againn nar n-inntinn, co-dhiù a tha e mar lainntear nar làimh agus sinn a’ coiseachd air talamh tròcair, no mar lampa air mullach taigh-solais agus sinne air uchd cuain.  Ge bith càite an cuirear gu feum e, tha an lòchran gar stiùireadh anns an dorchadas.  Mus tàinig solas an dealain don taigh againn ann an Tiriodh ann an 1956, bu tric a chunnaic mi m’ athair a’ dol a-mach leis an Tilley no an lainntear-stoirme air oidhche mhosach gheamhraidh, agus gathan na lainntir a’ soilleireachadh a cheum.

Ann am baile mòr mar Dhùn Èideann, chan eil sinn cho cleachdte ri dorchadas ’s a bha sinn, agus na lampaichean air na sràidean a’ fuadach cuid mhath den oidhche.  Ach ann an eilean mar Thiriodh, no a-mach air an tuath, bidh an dorchadas tiugh tric gar cuartachadh.  Bidh e a’ cur ioghnadh ormsa, nuair a thilleas mi don eilean, cho dubh ’s a tha an dorchadas.  ’S gann gur h-urrainn dhomh ceum a ghabhail às aonais toirds no leus air choreigin den t-seòrsa.  Cha tèid mi timcheall air ceann an taighe às aonais toirds.  Agus, anns an t-suidheachadh sin, bidh mi uaireannan a’ beachdachadh air cho cleachdte ’s a dh’fhàs mi ri solas nam bailtean.  Ann an Tiriodh tha mi taingeil airson an t-solais ann an dòigh nach eil mi idir taingeil anns na bailtean mòra.

Agus nach freagarrach an samhladh a tha aig an t-Salmadair air facal Dhè!  Air Sàbaid a’ Bhìobaill, is fhiach dhuinn a bhith a’ smaointeachadh air an t-solas a thug facal Dhè thugainn nuair a chaidh a chur ann an cruth na Gàidhlig.  Cha robh am Bìoball gu lèir idir aig an t-Salmadair nuair a bha e a’ moladh Dhè airson solas an Fhacail.  Cha robh aige ach na h-earrainnean a bhuineadh don t-Seann Tiomnadh, no pàirtean dheth, ach fhathast bha Facal Dhè na adhbhar gàirdeachais dha.  B’ ionmhainn leis e; bha a bhriathran milis na bheul; bha e mar lòchran dha; agus bha e dha mar ionad-falaich earbsach air latha na h-àmhghair.

Nach sinne a bu chòir a bhith taingeil airson na tha againn, am Bìoball anns a’ Ghàidhlig, agus ann an iomadh cànan eile!  Ach a bheil sinn cho taingeil ’s a bu chòir dhuinn?   Ma tha sibhse coltach riumsa, cha bhi sibh idir, idir cho taingeil airson a’ Bhìobaill ’s a bu chòir.   Cha bhi sibh ga leughadh cho tric ’s a bu chòir.   Bidh sibh coingeis mun ghnothach.  Tha mise ciontach anns na casaidean sin.    Agus a bheil sinn mothachail air cho prìseil ’s a tha am Facal seo, agus na chosg e do dhaoine a chur nar tairgse?  Tha am Facal seo, a tha na sholas don t-Salmadair agus a bu chòir a bhith na sholas dhuinne, laiste le ìobairt is saothair nan daoine a thug thugainn e, mar eadar-theangairean is gu math tric mar sgoilearan. 

Chan eil e furasda sealltainn air taigh-solais na Sgeir Mhòir gun a bhith a’ beachdachadh air a’ chruadal a bha aig an luchd-obrach fad sia bliadhna, mus do las iad an solas air mullach an tùir.  Is tric a bhios mi a’ cuimhneachadh air Ailean Stevenson, agus e an siud a-muigh air an sgeir, ann an taigh beag fiodha, agus na tonnan mòra a’ crathadh a bhothain le uamhas eagalach na stoirme.  Bu tric a bhiodh e ag ùrnaigh airson a shàbhailteachd fhèin agus ‘slàinte’ nam maraichean.  Tha sin fìor mun Bhìoball cuideachd, ma tha sinn eòlach air eachdraidh gach eadar-theangachaidh a rinneadh dheth.    Chaidh Uilleam Tyndale a losgadh gu bàs mar ìobairt air sgàth an Fhacail.

Air an t-seachdain seo chaidh, chaidh mi air chuairt ghoirid do Chambridge, agus do Cholaisd Emmanuel, far an robh mi nam oileanach.  Anns an leabharlann ann an sin, chunnaic mi an làmh-sgrìobhainn den Bhìoball Eabhraidheach a chleachd an t-Easbaig Uilleam Bedell, nuair a bha e fhèin agus sgrìobhaichean Èireannach ag eadar-theangachadh an t-Seann Tiomnaidh don Ghàidhlig Chlasaigich anns a’ chiad leth den t-seachdamh linn deug.  B’ e Sasannach a bh’ ann am Bedell, agus dh’fhuiling e tàir is nàimhdeas a chionns gun do dh’ionnsaich e a’ Ghàidhlig, agus gun robh miann aige an Sgriobtaran agus an Soisgeul a chur an tairgse nan Èireannach nan cànain fhèin.  B’ esan agus an t-Easbaig Uilleam Ó Dómhnaill, a dh’eadar-theangaich an Tiomnadh Nuadh don Ghàidhlig Chlasaigich aig toiseach na seachdamh linn deug, a leag bunaitean a’ Bhìobaill Ghàidhlig a tha againne an-diugh. 

Thàinig an deasachadh Albannach aig an Urr. Raibeart Kirk thugainn ann an 1690.  Bha e stèidhichte gu tur air obair Bhedell a thaobh an t-Seann Tiomnaidh agus air saothair Uí Dhómhnaill a thaobh an Tiomnaidh Nuaidh.   Thog na h-eadar-theangairean Albannach, Dùghall Bochanan, an t-Urr. Seumas Stiùbhart, ministear Chill Fhinn, agus a mhac, an t-Urr. Iain Stiùbhart, ministear Lus, agus an luchd-cuideachaidh, air na bunaitean làidir a leag Bedell agus Ó Dómhnaill, agus gu sònraichte air Bìoball Khirk, nuair a thionndaidh iad am Bìoball gu modh cànain a bha gu math na b’ fhaisge air na dualchainntean Albannach.  Tha beagan is dà cheud gu leth bliadhna air siubhal bhon a nochd an Tiomnadh Nuadh ann an Gàidhlig na h-Alba, an seo ann an Dùn Èideann, ann an 1767.  Chaidh an Seann Tiomnadh a chrìochnachadh ann an 1801.

Bha stri is spàirn is iomadh duilghideas anns an obair mhòir sin aig gach ìre, iomadh riasladh is briseadh-dùil, agus tha e freagarrach gun cuimhnicheamaid an-diugh air na rinn na h-eadar-theangairean Albannach dhuinn.  Thog iad taigh-solais, no leabhar solais, air a’ bhunait a leag sgoilearan eile, agus, cleas Taigh-solais na Sgeir Mhòir, tha e a’ deàrrsadh gus an là an-diugh.  Thug e cruth-atharrachadh air litreachas na Gàidhlig; chuidich e daoine gu bhith a’ leughadh; bhrosnaich e sgrìobhadh ùr; agus neartaich e ar cànan.  B’ e sin gu dearbh an lòchran feumail.

Ach dh’atharraich e cuideachd beathannan dhaoine.  Nuair a thàinig solas an Fhacail, thòisich e air an ruaig a chur air an dorchadas, agus shoilleirich e ceuman nan daoine a ghabh ri a theachdaireachd.  Nuair a thàinig solas an dealain don dachaigh againne ann an Tiriodh ann an 1956, chan e a-mhàin gun do dh’fhuadaich e an dorchadas, ach leig e fhaicinn dhuinn na làraichean salach a bha air a’ bhalla, ’s na fhaca sinn leis an t-seann solas.  Bha feum aig na ballachan air an glanadh.  Mar a thubhairt an Salmadair, ‘Is lòchran d’ fhacal dom chois agus solas dom cheum’.  Dh’fhaodadh iomadh Gàidheal sin a ràdh sìos tro na linntean.

Tha an solas a tha a’ deàrrsadh às a’ Bhìoball soilleir bho thoiseach gu deireadh an leabhair. Tha leabhar Ghenesis a’ togail fianais air tùs an t-solais: ‘Agus thubhairt Dia, Biodh solas ann; agus bha solas ann.’  Tha Soisgeul Eòin a’ mìneachadh cò as adhbhar don t-solas, agus cò e an solas: ‘Anns an toiseach bha am Facal, agus bha am facal maille ri Dia…Annsan bha beatha, agus b’ i a’ bheatha solas dhaoine.’   Tha sùilean Mac an Duine ann an Leabhar an Taisbeanaidh, mar a tha Eòin ag innse dhuinn, mar ‘lasair theine’.

Tha rud eile ann a tha follaiseach mun t-solas seo, agus ’s e sin gu bheil na daoine a tha a’ gabhail ris a’ tionndadh nan solais iad fhèin ann an dorchadas an t-saoghail.  Tha iad a’ dol nan rionnagan agus nan reultan, a’ deàlradh às leth an Slànaighir, Ìosa Crìosd, am fear as e solas an t-saoghail.  Nuair a thig iad còmhla, tha iad mar na coinnlean a b’ àbhaist a bhith ann an lainntear na Sgeir Mhòir.  Chan eil ann an aon choinneal ach solas gu math lag; ach nuair a chuireas sinn ceud coinneal còmhla, tha braidseal làidir againn, agus ma neartaicheas sinn sin le sgàthain is gloinneachan, chìthear an solas iomadh mìle bhuainn.  Tha na gathan beaga a’ dol nan aon ghath mòr a tha a’ sgaoileadh fad is farsaing, le neart cumhachd nan coinnlean (‘candle-power’).  Tha feum mòr, mòr air solas, is solais, mar sin anns an latha dhuilich anns a bheil sinn beò, agus an dorchadas cho tiugh.

Thuirt an t-Abstoil Pòl ris na Philipianaich (2:15) gum b’ e a bha an rùn Dhè dhaibhsan gum biodh iad ‘a’ dealrachadh mar lòchrain-sholais an t-saoghail’.

Agus ’s e sin an teachdaireachd a tha agamsa dhuibh an-diugh.  Tha mi an dòchas gu bheil sinn uile eòlach air Facal Dhè, agus air Mac Dhè, mar sholas dhuinn fhìn, agus gu bheil sinn a’ soillseachadh anns an t-saoghal dhorcha a tha timcheall oirnn air gach taobh.

Cha robh an saoghal riamh cho feumach air solas an Fhacail, agus gum biodh e air a sgaoileadh fad is farsaing leinne a tha eòlach air.

‘Is lòchran d’ fhacal dom chois agus solas dom cheum,’ ars an Salmadair.  An urrainn dhuinne an aon rud a ràdh?

 

AMEN

 

Agus gum beannaicheadh Dia dhuinn a bhith a’ meòrachadh air Fhacal.

No comments:

Post a Comment