SOLAS AN FHACAIL
Searmon airson Sàbaid a’ Bhìobaill
Salm 119, earrann 105: ‘Is lòchran d’ fhacal dom chois
agus solas dom cheum’.
Mar a tha fhios aig a’ mhòr-chuid agaibh, buinidh mise
do dh’eilean Thiriodh, agus bidh mi a’ tilleadh ann gu math tric. Nuair a bha mi aig an taigh aig àm na Càisge
am bliadhna, chaidh mi air chuairt a dh’fhaicinn togalach a bha mi a’
miannachadh fhaicinn fad mo bheatha. B’
e an togalach sin Taigh-solais na Sgeir Mhòir, mu dhusan mìle an iar dheas air
Tiriodh.
Bu tric a bhithinn a’ faicinn na Sgeir Mhòir air an
astar, agus an taigh-solais mar phrìne beag bìodach. Nuair a theannadh an oidhche, chìthinn gathan
lainntear an taigh-sholais a’ deàrrsadh thall air fàire. Bha na gathan sin a’ toirt rabhadh do gach
maraiche gun robh creagan cunnartach faisg air làimh, agus gum feumadh e an
seachnadh. Fad ochd fichead bliadhna
agus a ceithir deug, bha an taigh-solais na sheasamh air an sgeir, agus a
theachdaireachd laiste a’ boillsgeadh gach oidhche.
Mu dheireadh thall, fhuair mi an cothrom dol ga
fhaicinn. Air latha grianach earraich,
agus an speur gorm ’s an cuan rèidh, thog sinn oirnn air bàta luath
làidir. Cha b’ fhada gus an robh am
prìne beag a’ fas na bu mhotha agus na bu mhotha, gus an robh e an ceann uair
an uaireadair ag èirigh gu greadhnach os ar cionn, ceud is trì fichead troigh
os cionn na mara. B’ ann an siud a bha
an sealladh!
Gus am faca mi e cho dlùth dhomh, cha do thuig mi cho
mòr ’s a bha an taigh-solais an ceart da-rìribh, no cho seasmhach, ’s a bhunait
anns an dearbh chreig chruaidh a rinn lom-sgrios air iomadh luing mus do
thogadh an taigh-solais eadar na bliadhnachan ochd ceud deug is ochd deug air
fhichead, agus ochd ceud deug, dà fhichead agus a ceithir. Is beag an t-ioghnadh gu bheil taigh-solais
na Sgeir Mhòir ainmeil air feadh an t-saoghail.
Leugh mi uair is uair mar a chaidh an taigh-solais a
thogail le spàirn mhòir agus le cruadal leis a’ ghaisgeach à Dùn Èideann,
Ailean Stevenson, agus a sgioba treun de luchd-ciùird. Chuir iad iad fhèin ann an cunnart iomadh
uair airson an solas prìseil seo a lasadh agus dìon a chur air bàtaichean is
maraichean
’S e samhladh cumhachdach a tha ann an taigh-solais
den t-seòrsa. Nuair a bha mi a’
deasachadh airson na seirbhis seo, agus m’ inntinn a’ cagnadh briathran an
t-Salmadair, thàinig an latha earraich ud air a’ chuan air ais thugam, agus bha
mi nam shuidhe a-rithist anns a’ bhàta, a’ togail mo shùilean chun an t-solais
a bha àrd os mo chionn. ‘Is lòchran d’
fhacal dom chois agus solas dom cheum’, thuirt an Salmadair.
Bha an Salmadair a’ beachdachadh air solas air bàrr
cruinn (‘lòch’ air ‘crann’), a bhiodh aca anns na lathaichean aigesan, rudeigin
coltach ri lainntear, mar a bhiodh againne air tìr. Ach nam biodh e aig muir anns an latha againne,
bhiodh ‘ceum’ aige cuideachd, ’s e a’ feuchainn ri cumail air a chùrsa, a
dh’aindeoin gach suaineadh is roilleadh anns a’ chuan, ’s lòchran an
taigh-sholais ga threòrach.
Is toigh leam samhladh an lòchrain gu mòr, ge bith dè
an dealbh a tha againn nar n-inntinn, co-dhiù a tha e mar lainntear nar làimh
agus sinn a’ coiseachd air talamh tròcair, no mar lampa air mullach
taigh-solais agus sinne air uchd cuain.
Ge bith càite an cuirear gu feum e, tha an lòchran gar stiùireadh anns
an dorchadas. Mus tàinig solas an
dealain don taigh againn ann an Tiriodh ann an 1956, bu tric a chunnaic mi m’
athair a’ dol a-mach leis an Tilley no an lainntear-stoirme air oidhche mhosach
gheamhraidh, agus gathan na lainntir a’ soilleireachadh a cheum.
Ann am baile mòr mar Dhùn Èideann, chan eil sinn cho
cleachdte ri dorchadas ’s a bha sinn, agus na lampaichean air na sràidean a’
fuadach cuid mhath den oidhche. Ach ann
an eilean mar Thiriodh, no a-mach air an tuath, bidh an dorchadas tiugh tric
gar cuartachadh. Bidh e a’ cur ioghnadh
ormsa, nuair a thilleas mi don eilean, cho dubh ’s a tha an dorchadas. ’S gann gur h-urrainn dhomh ceum a ghabhail
às aonais toirds no leus air choreigin den t-seòrsa. Cha tèid mi timcheall air ceann an taighe às
aonais toirds. Agus, anns an
t-suidheachadh sin, bidh mi uaireannan a’ beachdachadh air cho cleachdte ’s a
dh’fhàs mi ri solas nam bailtean. Ann an
Tiriodh tha mi taingeil airson an t-solais ann an dòigh nach eil mi idir
taingeil anns na bailtean mòra.
Agus nach freagarrach an samhladh a tha aig an
t-Salmadair air facal Dhè! Air Sàbaid a’
Bhìobaill, is fhiach dhuinn a bhith a’ smaointeachadh air an t-solas a thug
facal Dhè thugainn nuair a chaidh a chur ann an cruth na Gàidhlig. Cha robh am Bìoball gu lèir idir aig an
t-Salmadair nuair a bha e a’ moladh Dhè airson solas an Fhacail. Cha robh aige ach na h-earrainnean a
bhuineadh don t-Seann Tiomnadh, no pàirtean dheth, ach fhathast bha Facal Dhè
na adhbhar gàirdeachais dha. B’
ionmhainn leis e; bha a bhriathran milis na bheul; bha e mar lòchran dha; agus
bha e dha mar ionad-falaich earbsach air latha na h-àmhghair.
Nach sinne a bu chòir a bhith taingeil airson na tha
againn, am Bìoball anns a’ Ghàidhlig, agus ann an iomadh cànan eile! Ach a bheil sinn cho taingeil ’s a bu chòir
dhuinn? Ma tha sibhse coltach riumsa,
cha bhi sibh idir, idir cho taingeil airson a’ Bhìobaill ’s a bu chòir. Cha bhi sibh ga leughadh cho tric ’s a bu
chòir. Bidh sibh coingeis mun
ghnothach. Tha mise ciontach anns na
casaidean sin. Agus a bheil sinn
mothachail air cho prìseil ’s a tha am Facal seo, agus na chosg e do dhaoine a
chur nar tairgse? Tha am Facal seo, a
tha na sholas don t-Salmadair agus a bu chòir a bhith na sholas dhuinne, laiste
le ìobairt is saothair nan daoine a thug thugainn e, mar eadar-theangairean is
gu math tric mar sgoilearan.
Chan eil e furasda sealltainn air taigh-solais na
Sgeir Mhòir gun a bhith a’ beachdachadh air a’ chruadal a bha aig an
luchd-obrach fad sia bliadhna, mus do las iad an solas air mullach an tùir. Is tric a bhios mi a’ cuimhneachadh air
Ailean Stevenson, agus e an siud a-muigh air an sgeir, ann an taigh beag
fiodha, agus na tonnan mòra a’ crathadh a bhothain le uamhas eagalach na
stoirme. Bu tric a bhiodh e ag ùrnaigh
airson a shàbhailteachd fhèin agus ‘slàinte’ nam maraichean. Tha sin fìor mun Bhìoball cuideachd, ma tha
sinn eòlach air eachdraidh gach eadar-theangachaidh a rinneadh dheth. Chaidh Uilleam Tyndale a losgadh gu bàs mar
ìobairt air sgàth an Fhacail.
Air an t-seachdain seo chaidh, chaidh mi air chuairt
ghoirid do Chambridge, agus do Cholaisd Emmanuel, far an robh mi nam
oileanach. Anns an leabharlann ann an
sin, chunnaic mi an làmh-sgrìobhainn den Bhìoball Eabhraidheach a chleachd an
t-Easbaig Uilleam Bedell, nuair a bha e fhèin agus sgrìobhaichean Èireannach ag
eadar-theangachadh an t-Seann Tiomnaidh don Ghàidhlig Chlasaigich anns a’ chiad
leth den t-seachdamh linn deug. B’ e
Sasannach a bh’ ann am Bedell, agus dh’fhuiling e tàir is nàimhdeas a chionns
gun do dh’ionnsaich e a’ Ghàidhlig, agus gun robh miann aige an Sgriobtaran
agus an Soisgeul a chur an tairgse nan Èireannach nan cànain fhèin. B’ esan agus an t-Easbaig Uilleam Ó
Dómhnaill, a dh’eadar-theangaich an Tiomnadh Nuadh don Ghàidhlig Chlasaigich
aig toiseach na seachdamh linn deug, a leag bunaitean a’ Bhìobaill Ghàidhlig a
tha againne an-diugh.
Thàinig an deasachadh Albannach aig an Urr. Raibeart
Kirk thugainn ann an 1690. Bha e stèidhichte
gu tur air obair Bhedell a thaobh an t-Seann Tiomnaidh agus air saothair Uí Dhómhnaill
a thaobh an Tiomnaidh Nuaidh. Thog na
h-eadar-theangairean Albannach, Dùghall Bochanan, an t-Urr. Seumas Stiùbhart,
ministear Chill Fhinn, agus a mhac, an t-Urr. Iain Stiùbhart, ministear Lus, agus
an luchd-cuideachaidh, air na bunaitean làidir a leag Bedell agus Ó Dómhnaill,
agus gu sònraichte air Bìoball Khirk, nuair a thionndaidh iad am Bìoball gu
modh cànain a bha gu math na b’ fhaisge air na dualchainntean Albannach. Tha beagan is dà cheud gu leth bliadhna air
siubhal bhon a nochd an Tiomnadh Nuadh ann an Gàidhlig na h-Alba, an seo ann an
Dùn Èideann, ann an 1767. Chaidh an
Seann Tiomnadh a chrìochnachadh ann an 1801.
Bha stri is spàirn is iomadh duilghideas anns an obair
mhòir sin aig gach ìre, iomadh riasladh is briseadh-dùil, agus tha e
freagarrach gun cuimhnicheamaid an-diugh air na rinn na h-eadar-theangairean
Albannach dhuinn. Thog iad taigh-solais,
no leabhar solais, air a’ bhunait a leag sgoilearan eile, agus, cleas
Taigh-solais na Sgeir Mhòir, tha e a’ deàrrsadh gus an là an-diugh. Thug e cruth-atharrachadh air litreachas na
Gàidhlig; chuidich e daoine gu bhith a’ leughadh; bhrosnaich e sgrìobhadh ùr;
agus neartaich e ar cànan. B’ e sin gu
dearbh an lòchran feumail.
Ach dh’atharraich e cuideachd beathannan dhaoine. Nuair a thàinig solas an Fhacail, thòisich e
air an ruaig a chur air an dorchadas, agus shoilleirich e ceuman nan daoine a
ghabh ri a theachdaireachd. Nuair a thàinig
solas an dealain don dachaigh againne ann an Tiriodh ann an 1956, chan e a-mhàin
gun do dh’fhuadaich e an dorchadas, ach leig e fhaicinn dhuinn na làraichean
salach a bha air a’ bhalla, ’s na fhaca sinn leis an t-seann solas. Bha feum aig na ballachan air an glanadh. Mar a thubhairt an Salmadair, ‘Is lòchran d’
fhacal dom chois agus solas dom cheum’.
Dh’fhaodadh iomadh Gàidheal sin a ràdh sìos tro na linntean.
Tha an solas a tha a’ deàrrsadh às a’ Bhìoball soilleir
bho thoiseach gu deireadh an leabhair. Tha leabhar Ghenesis a’ togail fianais
air tùs an t-solais: ‘Agus thubhairt Dia, Biodh solas ann; agus bha solas
ann.’ Tha Soisgeul Eòin a’ mìneachadh cò
as adhbhar don t-solas, agus cò e an solas: ‘Anns an toiseach bha am Facal,
agus bha am facal maille ri Dia…Annsan bha beatha, agus b’ i a’ bheatha solas
dhaoine.’ Tha sùilean Mac an Duine ann
an Leabhar an Taisbeanaidh, mar a tha Eòin ag innse dhuinn, mar ‘lasair
theine’.
Tha rud eile ann a tha follaiseach mun t-solas seo,
agus ’s e sin gu bheil na daoine a tha a’ gabhail ris a’ tionndadh nan solais
iad fhèin ann an dorchadas an t-saoghail.
Tha iad a’ dol nan rionnagan agus nan reultan, a’ deàlradh às leth an
Slànaighir, Ìosa Crìosd, am fear as e solas an t-saoghail. Nuair a thig iad còmhla, tha iad mar na
coinnlean a b’ àbhaist a bhith ann an lainntear na Sgeir Mhòir. Chan eil ann an aon choinneal ach solas gu
math lag; ach nuair a chuireas sinn ceud coinneal còmhla, tha braidseal làidir
againn, agus ma neartaicheas sinn sin le sgàthain is gloinneachan, chìthear an
solas iomadh mìle bhuainn. Tha na gathan
beaga a’ dol nan aon ghath mòr a tha a’ sgaoileadh fad is farsaing, le neart
cumhachd nan coinnlean (‘candle-power’). Tha feum mòr, mòr air solas, is solais, mar
sin anns an latha dhuilich anns a bheil sinn beò, agus an dorchadas cho tiugh.
Thuirt an t-Abstoil Pòl ris na Philipianaich (2:15)
gum b’ e a bha an rùn Dhè dhaibhsan gum biodh iad ‘a’ dealrachadh mar
lòchrain-sholais an t-saoghail’.
Agus ’s e sin an teachdaireachd a tha agamsa dhuibh
an-diugh. Tha mi an dòchas gu bheil sinn
uile eòlach air Facal Dhè, agus air Mac Dhè, mar sholas dhuinn fhìn, agus gu
bheil sinn a’ soillseachadh anns an t-saoghal dhorcha a tha timcheall oirnn air
gach taobh.
Cha robh an saoghal riamh cho feumach air solas an
Fhacail, agus gum biodh e air a sgaoileadh fad is farsaing leinne a tha eòlach
air.
‘Is lòchran d’ fhacal dom chois agus solas dom cheum,’
ars an Salmadair. An urrainn dhuinne an
aon rud a ràdh?
AMEN
Agus gum beannaicheadh Dia dhuinn a bhith a’
meòrachadh air Fhacal.
No comments:
Post a Comment