DÙGHALL
BOCHANAN (1716-68):
SEALLADH
ÙR AIR A BHEATHA IS A BHÀRDACHD
Dòmhnall
Eachann Meek
Is cinnteach nach eil mòran agaibh nach cuala mu
Dhùghall Bochanan, am bàrd spioradail as ainmeile ann an litreachas na
Gàidhlig. Cluinnear aon de na laoidhean
aige, ‘Fulangas Chrìosd’, ga seinn gus an là an-diugh, mar as trice le Màiri
Mhoireasdan, agus tha daoine gu math measail air an laoidh sin fhathast. Bha earrann de dh’ aon eile de na laoidhean
aige, ‘Là a’ Bhreitheanais’, ga seinn ann am Muile gu meadhan na ficheadamh
linn, agus fonn rithe coltach ri aon de na seann laoidhean Oiseanach. B’ e ‘Là a’ Bhreitheanais’ an laoidh a b’ fhaide
a rinn Bochanan, agus tha i gu math eadar-dhealaichte seach na dàin eile a
dh’fhoillsich e ann an leabhar beag de dh’ ochd laoidhean a chaidh a
chlò-bhualadh ann an Dùn Èideann ann an 1767 fon ainm Laoidhe Spioradail, le Balfour, Auld agus Smellie, na
clò-bhualadairean a thug dhuinn an Tiomnadh Nuadh Gàidhlig anns an aon
bhliadhna – agus bidh sibh mothachail, ma tha sibh math air cùnntas, gu bheil
dà cheud gu leth bliadhna ann, am bliadhna fhèin, bhon a thachair sin.
Bha Bochanan ann an Dùn Èideann aig an àm, ’s e a’
stiùireadh an Tiomnaidh Nuaidh tron chlò às leth an SSPCK. ’S e rud mòr a bh’ ann gun deachaidh an
Tiomnadh Nuadh Gàidhlig agus an leabhar aig Bochanan fhoillseachadh aig an aon
àm agus leis na h-aon chlò-bhualadairean.
Tha sin na thomhas air an luach a bha ga chur air na laoidhean aige, ged
nach eil fhios againn cò leis. Cha robh
ann am Bochanan ach maighstir-sgoile ann an seirbhis nan Oighreachdan
Dì-chòirichte (Forfeited Estates)
agus an SSPCK ann am Bun Rainich agus ann an Ceann Loch Rainich, agus faodaidh
sinn a bhith cinnteach nach biodh gu leòr a dh’airgead aige airson leabhar da
leithid fhoillseachadh. Feumaidh gun
robh neach-taic air choreigin air chùl chùisean, a bha a’ cur luach mòr air
saothair an duine seo, ach chan eil fhios againn cò e.
Chan eil an sin ach aon de na ceistean, aon de na
dìomhaireachdan, a tha co-cheangailte ri beatha agus saothair Bhochanain. Anns na h-iomraidhean a tha againn air bhon
dualchas-labhairt a thruis ministearan ann an Siorramachd Pheairt anns a’
cheathramh mu dheireadh den naoidheamh linn deug, agus bhon deasachadh de na
laoidhean a rinn an t-Urramach Dòmhnall MacIlleathain ann an 1913, tha an
dealbh a gheibh sinn de Bhochanan air a chruthachadh gun cheist, gun
dìomhaireachd, agus le tuigse gur h-ann bho inntinn Bhochanain fhèin a-mhàin a
thàinig na h-ochd laoidhean a rinn e.
Chaidh na bunaitean a chrathadh on uair sin, agus
an-diugh, mar a dhearbhas an rannsachadh a rinn mi fhìn air Bochanan, cha seas
an seòrsa deilbh sin ri sgrùdadh sgoileireil a tha air a bhonntachadh air
prionnsapalan litreachais a bhuineas do ar linn fhìn. Chan e ùghdar neo-eisimeil a bha ann am
Bochanan idir, ach ùghdar a bha gu mòr fo bhuaidh litreachas na Beurla. Bha e
ag eadar-theangachadh earrainnean bho dhàin Bheurla, no a’ togail smuaintean
asda, agus gan ath-chruthachadh ann ann riochdan a bha na b’ fhaisge air
dualchas nan Gàidheal, agus bha e cuideachd a’ cur riutha a chuid smuaintean
fhèin, an leithid de dhòigh ’s gur h-e co-mheasgadh a tha annta de litreachas
na Beurla agus de rannan ùra Gàidhlig a rinn Bochanan.
Feumar a thuigsinn gu bheil am modh-obrach seo a’
co-fhreagairt air an linn san robh Bochanan beò, an dreuchd a bha aige fhèin
mar mhaighstir-sgoile, agus na comasan sònraichte a bha aige an dà chuid sa
Bheurla agus anns a’ Ghàidhlig. Bha cudthrom
mòr ga chur air eadar-theangachadh litreachas spioradail na Beurla don
Ghàidhlig anns an ochdamh linn deug, gu sònraichte leabhraichean-cheist is an
leithid, agus bha Bochanan an sàs anns an obair sin. Bha Bochanan ag obair ann an sgoil far an
robh e mar phrìomh amas ‘sìobhaltachd’ agus a’ Bheurla a bhrosnachadh, ged a
dh’fheumte, gun teagamh, a’ Ghàidhlig a chleachdadh anns an oidhirp sin. Agus bha Bochanan fhèin air leth fileanta
anns a’ Bheurla agus anns a’ Ghàidhlig.
Gu dearbh, tha mi làn chinnteach nach robh Gàidheal eile ann san latha
sin a bha cho comasach anns an dà chànain.
Bha deagh eòlas aig Alasdair mac Mhaighstir Alasdair air a’ Bheurla, ach
saoilidh mi gun toireadh Bochanan bàrr air anns an dòigh sin.
Chan ann idir a’ cur sìos air Bochanan a tha mi nuair
a tha mi a’ mìneachadh nan iasadan a ghabh e bhon Bheurla. ’S ann a chuirinn-sa an argamaid an rathad
eile. ’S e dearbhadh a tha ann air sàr
chomasan Bhochanain, agus, nam bharail-sa, bha e a cheart cho comasach ris na
bàird bhon tug e iasad. Bha a
mhodhan-obrach fhèin aige, agus ann an iomadh àite gheuraich e, agus sgeadaich
e, na rannan a thog e bho bhàird eile.
Cha do leig e air riamh gun do ghabh e iasad bho bhàird na Beurla, ged
tha, ’s gu sònraichte bho Isaac Watts (1674-1748), aon de na laoidheadairean a
b’ ainmeile sa Bheurla, ach sin mar a bha an saoghal aig an àm. Cha robh smuaint san latha sin air còirichean
an ùghdair, no air an rud ris an abair sinne copyright, agus bha na bàird uile, am Beurla no an Gàidhlig no an Cuimris,
a’ tarraing uisge à tobraichean càch a chèile, agus ga chur gu feum dhaibh
fhèin.
Mar sin, tha dà riochd anns a bheil Bochanan a’
nochdadh. Tha an seann riochd ann,
stèidhichte air beul-aithris Shiorramachd Pheairt is barail nam ministearan a
dheasaich a chuid obrach. Sin agaibh an
dealbh ‘neochiontach’, mar gum biodh, a tha a’ gabhail ri cùisean mar a tha iad
air an uachdar, agus ris na laoidhean mar shaothair neo-eisimeil Bhochanain,
agus a’ fighe sgeul-beatha a tha a’ tighinn ri chèile gu grinn, gun cheist, gun
amharas. Agus tha an riochd ùr ann, an
sealladh a tha agamsa air, stèidhichte air geur-sgrùdadh air an fhianais
sgrìobhte, ’s e sin litreachas na Beurla agus na Gàidhlig, a bharrachd air an
leabhar aig Bochanan fhèin agus na làmh-sgrìobhainnean a dh’fhàg e às a
dhèidh. Tha Bochanan a’ nochdadh cuideachd
ann an clàir an SSPCK agus an leithid, agus, ged nach eil an dealbh ùr iomlan,
saoilidh mi gu bheil e gar toirt gu math nas fhaisge air Bochanan mar dhuine
agus mar bhàrd na tha na sgeulachdan a bha ag èirigh an dèidh a bhàis. Ach tha iomadh ceist ag èirigh às an dàrna dealbh
seo, iomadh tòimhseachan, iomadh dìomhaireachd.
A dh’aindeoin sin, tha sinn a’ lìonadh cuid de na
beàrnan, beag air bheag, agus tha ar tuigse a’ leudachadh da rèir sin. Bhon a dheasaich mi an leabhar a chaidh
fhoillseachadh ann an 2015, chaidh agam air sùil na bu ghèire buileach a thoirt
air na dreachan de laoidhean aithnichte Bhochanain a tha rin lorg anns a’
chruinneachadh de làmh-sgrìobhainnean a rinn an t-Urramach Seumas MacLathagain
agus a tha taisgte ann an Leabharlann Oilthigh Ghlaschu. Anns a’ chruinneachadh sin, tha còig dreachan
de na laoidhean aithnichte sin, agus tha mi a-nise gu ìre mhòir cinnteach gu
bheil iad ann an làmh-sgrìobhaidh Bhochanain fhèin. Ann an òraid a thug an t-Àrd-Ollamh Ruaraidh
MacThòmais don chomann seo ann an 1994, thuirt e nach robh ann an cruinneachadh
MhicLathagain ach aon laoidh le Dùghall Bochanan, ach chan eil sin idir ceart. Tha sinn a-nise aig an ìre far am faod sinn
sealltainn air dreachan de chòig dàin a chuir Bochanan fhèin air pàipear. A
bharrachd air sin, tha sia dàin eile ann an cruinneachadh MhicLathagain a tha
uile ann an stoidhle Bhochanain.
Bheir sinn sùil air na dàin ‘ùra’ sin agus air na dàin
aithnichte anns an òraid seo, ach an toiseach bheir mi iomradh sgiobalta air
beatha Bhochanain, agus gu sònraichte na seallaidhean ùra a tha air tighinn am
follais.
Beatha
Bhochanain
Tha beatha Bhochanain air a ceangal ri Ceann Loch
Rainich chun na h-ìre ’s nach eil fhios aig a’ mhòr-chuid gu bheil an taigh
anns an do rugadh agus an do thogadh e
fhathast na sheasamh ann an Àrdach ann an Srath Eadhair, agus gu bheil daoine a
tha càirdeach dha a’ fuireach ann. Bha
athair Dhùghaill na mhuillear, agus tha an taigh faisg air an allt a bha a’
tionndadh roth a’ mhuilinn. Thog an
duine a tha a’ fuireach anns an taigh modal den mhuileann mar a bha e, agus
chìthear e aig oir an rathaid mhòir, far a bheil an ceum a tha a’ dol suas chun
an taighe.
Bu chòir ‘cearcall gorm’ a
bhith air an taigh sin, seach taigh sam bith eile an Albainn. Is fhada on a chaidh an taigh-sgoile aig
Bochanan ann an Ceann Loch Rainich a leagail – ann an 1881 – agus rinneadh
ùpraid mhòr an uair sin, ach is gann gun do mhothaich duine gu bheil an taigh a
bhuineadh da theaghlach ann an Srath Eadhair againn fhathast, ’s gun ach glè
bheag atharrachaidh air a dhèanamh air tro na bliadhnachan fada.
Chan eil fios cinnteach againn air ciamar a fhuair
Dùghall a chuid foghlaim na bhalach, ach is dòcha gun deachaidh e do sgoil an SSPCK
ann an Srath Eadhair. Tha e fhèin ag
innse dhuinn gun robh e a’ gabhail a’ chothrom leabhraichean a leughadh nuair a
bhiodh e a’ dol a theagasg chloinne anns na taighean mòra.
Ann an 1740, tha iomradh
againn air Dùghall ’s e na oileanach ann an Colaisde na Diadhachd ann an
Glaschu. Tha an t-iomradh ann an litir a
sgrìobh an t-Urramach Iain MacLabhrainn gu a bhràthair Cailean, am
matamataigear ainmeil, mar a leanas:
‘In Company where the
Conversation turn’d on the most eminent young men about our Divinity hall now,
I have heard one Mr Buchanan who has Irish, from Balquidder or Bupridir [?]
commended as of that number. This made
me take pains this day, both forenoon & afternoon, to meet with Persons who
could give me the best Account of him; I did not find the person I wanted in
the forenoon, but in the evening I return’d a visit I was owing to the Master
of College whom I have heard Speak of him formerly, & after Speaking about
the Scarcity of Probationers now & the Talk that was some time ago about
licensing some of our best young men; He
confirm’d the Accounts I had heard of Mr Buchanan before, as one of our best
Students; & particularly as one well skilled in the learn’d Languages &
its Divinity. Meantime I have heard
oftner than once that he is reckon’d what they call, too monkish &
retir’d.’
Tha dìomhaireachd no dhà an lùib an iomraidh sin. Cha
d’fhuair an t-Urramach Iain lorg air na daoine a bheireadh fiosrachadh dha mu
Bhochanan, agus chan fhaca e Bochanan fhèin a bharrachd. Ach bha Bochanan air a dhol na ‘chuspair
sgeulachd’ ’s gun e ach 24 bliadhna a dh’ aois!
Bha a chliù anns gach beul. Thug Maighstir a’ Cholaisde teist air
Bochanan a bha a’ dearbhadh a theòmachd ann an cànainean a’ Bhìobaill agus ann
an Diadhachd. Tha seo ag innse dhuinn
carson a bha Bochanan cho feumail ann an eadar-theangachadh an Tiomnaidh Nuaidh
Ghàidhlig fichead bliadhna an dèidh sin.
Ach aig deireadh an iomraidh, tha MacLabhrainn a’ toirt rabhadh mu nàdar
Bhochanain, agus a’ faireachdainn nach e ‘adhbhar ministeir’ a bha ann. Bha e ro ‘fhad’ às’, ro dhùinte na
nàdar. Tha beul-aithris Siorramachd
Pheairt ag ràdh gun robh daoine ag iarraidh gum biodh Bochanan na mhinistear
aca, ach nach ceadaicheadh a’ Chlèir sin.
Saoil dè an da-rìribh a bha air chùl a’ ghnothaich?
Mar a thubhairt sinn cheana, bha Bochanan air leth
comasach anns a’ Bheurla agus anns a’ Ghàidhlig. Bha a litrichean Beurla a’ glacadh aire
luchd-litreachais a latha. Agus bha e
eòlach air deifir sheòrsachan Gàidhlig, ’s gu sònraichte a’ Ghàidhlig
Chlasaigeach a bh’ aig na sgoilearan o shean.
Chìthear sin gu soilleir anns a’ chànain a tha e a’ cleachdadh ann an
cuid de a laoidhean. Tha a’ Ghàidhlig
Chlasaigeach ga measgachadh le Gàidhlig-labhairt anns na laoidhean anns an
leabhar aige, ach tha ìre cànain a tha nas àirde na sin ri fhaicinn ann an
laoidh eireachdail a tha a’ nochdadh ann an cruinneachadh MhicLathagain, ‘Mu
thimcheall Mòrachd Dhè’, agus a tha gun teagamh le Bochanan. Aig ceann eile an fhàraidh, mar gum biodh,
tha dàin eile anns a’ chruinneachadh aig MacLathagain a tha gu cinnteach le
Bochanan, ach a tha uile-gu-lèir ann an Gàidhlig an t-sluaigh. Bha Bochanan anabarrach mothachail air deifir
ìrean na Gàidhlig, agus mar a chleachdte iad.
Càite is ciamar a fhuair e an t-eòlas sin? Is dòcha gun do rinn e mion-sgrùdadh air
Bìoball Gàidhlig Raibeirt Kirk, a tha anns a’ Ghàidhlig Chlasaigich, agus a bha
ga chleachdadh ann an Albainn mus deachaidh an Tiomnadh Nuadh
eadar-theangachadh gu Gàidhlig na h-Alba.
Ach faodaidh gun robh e air litreachas Gàidhlig Clasaigeach eile a
leughadh cuideachd.
’S e an dìomhaireachd as motha, ged tha, nach tug
Bochanan fhèin iomradh riamh air an ùine a chuir e seachad ann an Colaisde na
Diadhachd ann an Glaschu. Chruthaich, no
dh’ath-chruthaich, e a bheatha a rèir pàtaran eile, agus b’ e sin pàtaran a’
pheacaich a fhuair gràs, an dèidh riasladh is spàirn is iomadh teagamh
spioradail, cleas nan seann Phuritanach.
Chan eil fhios carson a dhubh Bochanan às bliadhnachan an fhoghlaim ann
an Glaschu, ach is dòcha gun tug an creideamh soisgeulach buaidh cho làidir air
’s gun do rinn e ath-thòiseachadh air a bheatha, le sgeulachd (narrative) eile a bha na b’ fhaisge air
na bha e a’ creidsinn. Ghabh e ri beatha
Eòin Bunyan ann an Grace Abounding to the
Chief of Sinners mar am ‘modal’ airson a bheatha fhèin a chur an cèill gu
follaiseach anns an eachdraidh-bheatha spioradail a sgrìobh e sa Bheurla.
Anns an deasachadh ùr de laoidhean Bhochanain a nochd
ann an 2015, rinn mi dealbh cho mionaideach air a bheatha ’s a cheadaicheas an
fhianais gu ruige seo, agus chan eil mi a’ dol ga ath-aithris a-nis. Foghnaidh a ràdh gu bheil cha mhòr deich
bliadhna ann, eadar 1740 is 1750, gun fhios cinnteach againn air na bha
Bochanan a’ dèanamh. An uair sin, bho
1753, tha e a’ nochdadh mar mhaighstir-sgoile ann am Bun Rainich ann ann
oighreachd an t-Sruthain ann an Siorramachd Pheairt, far an robh e ag obair do
na h-Oighreachdan Dì-chòirichte (Forfeited
Estates), ’s e a’ faighinn taic phearsanta is pàigheadh bho Uilleam Ramsay,
bàillidh an h-oighreachd, airson deich (no seachd) bliadhna. Ann an 1765 chaidh làrach ùr is taigh a
thoirt dha nuair a chaidh baile Chinn Loch Rainich a stèidheachadh.
Fhad ’s a bha Bochanan a’ faighinn taic phearsanta bho
Ramsay, bha a thuarasdal air a dhìon, ach nuair a thàinig sin gu ceann mu 1758,
dh’fhàs a bheatha gu math na bu duilighe dha.
Cha robh luchd nan Oighreachdan Dì-chòirichte idir èasgaidh ann a bhith
a’ pàigheadh am maighstirean-sgoile, agus cha robh an SSPCK idir deònach a
bhith a’ toirt taic airgid do na maighstirean a bha air am fasdadh aig na
h-Oighreachdan. Bha Dùghall a’ faighinn
taic bho dhaoine aig an robh cumhachd anns an SSPCK, ach cha robh an comann sin
a bharrachd toileach a bhith ga chuideachadh.
Agus, mu dheireadh, nuair a bha e ann an Dùn Èideann a’ stiùireadh an
Tiomnaidh Nuaidh tron chlò, dh’aontaich iad an taic a thoirt bhuaidhe buileach. Tha e duilich a chreidsinn cho suarach,
doicheallach, connspaideach ’s a bha na comainn sin. Gu fortanach, mar a thachair, ach gu
mì-fhortanach dhuinne, ghabh Dùghall bochd galar a bhàis ann an 1768, agus cha
tàinig air a bhith beò air a’ bhochdainn, oir chaochail e sa bhliadhna sin.
’S e maighstir-sgoile air leth dìcheallach a bha ann
am Bochanan, agus choisinn e cliù nach bu bheag airson na rinn e. Bha e cuideachd na cheistear agus na
shearmonaiche, agus bha a shearmonachadh a’ tarraing àireamhan mòra ga
èisdeachd.
Bha e a’ feuchainn ri tomhas
de shìobhaltachd a thoirt gu oighreachd an t-Sruthain, agus buaidh is èifeachd
nan Seumasach a ghlanadh às an tìr. Ach
bha e cuideachd air a phrannadh eadar na cumhachdan mòra a bha ann aig an àm, eadar
Seumasaich is Clèirich, eadar an SSPCK is na h-Oighreachdan Dì-chòirichte,’s an
dà bhuidheann sin gu tric an amharas air a chèile, eadhon ged a bha an aon
cheann-uidhe fa-near dhaibh. Bha e mar
nach biodh taobh seach taobh deònach gabhail ris mar an neach-obrach aca fhèin,
agus bha e gu mòr an eisimeil a chàirdean air na bùird aca airson a’ bheagain
airgid a thug iad dha.
Chan eil e idir soilleir carson a bha na buidhnean sin
cho suarach ri Bochanan, no cho mì-dheònach inbhe sam bith a thoirt dha. Bha an SSPCK gu sònraichte fiosrach mu na sgilean
a bha aige, agus cho earbsach ’s a bha e ann an nì sam bith a rachadh iarraidh
air. Dhearbh iad a chomas dà
thuras. Ann an 1757, dh’eadar-theangaich
e The Mother’s Catechism don
Ghàidhlig mar Leabhar-cheist na Màthar. Cha robh e tiotan ris. Agus an ath bhliadhna, rinn e euchd a bu
mhotha buileach. Dh’eadar-theangaich e Dàrna
Litir an Abstoil Peadar dhaibh, gun duine idir air sin iarraidh air. Bha an SSPCK aig an àm sin ann an staing a
thaobh eadar-theangachadh an Tiomnaidh Nuaidh.
Bha iad air an obair earbsa ris an Urramach Alasdair MacPhàrlain ann an
1755, ach cha do rinn MacPhàrlain car ach leisgeulan a thoirt dhaibh. Bha e feumach air neach-cuideachaidh. Anns an èiginn a bh’ ann, chuir Bochanan an
t-eadar-theangachadh chun an SSPCK le a shaor-thoil fhèin, agus thairg e cuideachadh
a thoirt do MhacPhàrlain nuair nach biodh e cho trang leis an sgoil. Ach ged a bha an SSPCK a’ faicinn le an
sùilean fhèin cho comasach ’s a bha Bochanan, agus cho taiceil, thill iad gu
MacPhàrlain le tairgse ùr de lethcheud guinea
nan cuireadh e crìoch air an obair ann an àm airson a’ chlò ann an 1759. Chuir iad saothair Bhochanain an dàrna taobh
gus an cluinneadh iad bho MhacPhàrlain, ach cha chuala iad sian, agus cha
d’fhuair Bochanan sgillinn airson a choibhneis.
Tha sin ag innse dhuinn nach robh an SSPCK a’ meas gun
robh Bochanan, mar mhaighstir-sgoile ‘truagh’, idir airidh air aithneachadh mar
eadar-theangaire freagarrach airson an Tiomnaidh Nuaidh. B’ e ministear a bha iad ag iarraidh air
cheann gnothaich, ministear ‘urramach’ seach sgalag bhochd de mhaighstir-sgoile
– ged a bha am maighstir-sgoile sin gu math, math na b’ ionnsaichte na a’
mhòr-chuid de mhinistearan.
Mu dheireadh, ann an 1760, gun an còrr iomraidh air
Dùghall Bochanan, thug an SSPCK obair an Tiomnaidh Nuaidh don Urr. Seumas
Stiùbhart ann an Cill Fhinn, agus chuir esan fios chun a’ chomainn ann an 1763
a dh’innse dhaibh gun robh an t-eadar-theangachadh deiseil, agus gun robh feum
aige air neach-cuideachaidh airson an teacst a cheartachadh. Bha ministearan air an cur air leth airson na
h-obrach seo ann an 1764, an t-Urr. Iain Mac a’ Phearsain ann an Slèibhte, agus
an t-Urr. Alasdair Friseal ann an Alanais, agus chaidh iarraidh air Bochanan
pàirt a ghabhail anns an sgrìobhadh. Bha
Bochanan cuideachd ann an Dùn Èideann dà gheamhradh an dèidh a chèile, 1765-66
agus 1766-67, le taic bhon SSPCK, a’ cur an Tiomnaidh Nuaidh tron chlò.
Aig a’ cheann thall, b’ e an t-Urr. Seumas Stiùbhart a
fhuair an t-àrd-chliù mar eadar-theangaire an Tiomnaidh Nuaidh, ged a tha e
soilleir gun robh sgioba de luchd-cuideachaidh aige, mar a bha a’ tachairt le
oidhirpean eile den t-seòrsa. Thuig
Bochanan ann an 1758, mura do thuig e roimhe sin, nach robh an dòigh-obrach le
aon mhinistear ag eadar-theangachadh idir a’ dol a dhèanamh feum, agus b’ ann
air an adhbhar sin a rinn e fhèin an t-eadar-theangachadh a thug e don SSPCK de
Dhàrna Litir an Abstoil Peadar.
Air a’ charragh-chuimhne a thogadh dha ann an Cill
Fhinn ann an 1890, tha an Stiùbhartach air ainmeachadh mar ‘ceud
eadar-theangair an Tiomnaidh Nuaidh gu Gaidhlig Albannaich’. Ach a bheil sin ceart? An ann ag eadar-theangachadh a bha an
Stiùbhartach, no a’ stiùireadh sgioba?
Ma sheallas sinn air mion-eachdraidh na cùise,
faodaidh sinn a ràdh nach b’ e ’n Stiùbhartach a’ ‘cheud eadar-theangaire’ idir, ge bith dè eile a bh’ ann. Mar a tha Mionaidean an SSPCK fhèin a’
dearbhadh, b’ e Dùghall Bochanan a’ chiad fhear a dh’eadar-theangaich pàirt sam
bith den Tiomnadh Nuadh seo, nuair a thionndaidh e Dàrna Litir an Abstoil Peadar
don Ghàidhlig ann an 1758. Ach chaidh
sin a dhìochuimhneachadh, leis nach robh ann am Bochanan ach maighstir-sgoile
iriosal, agus fhuair an Stiùbhartach urram a’ ghnothaich. Faodaidh sinn am mì-cheartas sin co-dhiù a
thionndadh gu ceartas, dà cheud gu leth bliadhna an dèidh don Tiomnadh Nuadh
nochdadh, agus an t-urram air a bheil e airidh a thoirt do Dhùghall Bochanan, a
dh’aindeoin na tha sgrìobhte air carragh-cuimhne an Stiùbhartaich ann an Cill
Fhinn.
Na
Laoidhe Spioradail
’S ann anns an aon bhliadhna – 1767 – a nochd an
Tiomnadh Nuadh Gàidhlig agus an leabhar laoidhean aig Dùghall Bochanan. Bidh mi gu tric a’ beachdachadh air dè an
ceangal a tha eadar an dà leabhar. Am
faod e a bhith gur h-ann mar thaing airson na rinn e air an Tiomnadh Nuadh –
gun aithneachadh bho bhuidhnean no bho eaglaisean, agus le glè bheag pàighidh –
a chaidh an leabhar aige fhoillseachadh?
An e Seumas Stiùbhart a bha air chùl a’ ghnothaich, ’s esan, seach duine
sam bith, a’ tuigsinn luach na h-obrach a rinn Dùghall aig deifir ìrean? Tha fhios againn gun robh lethbhreac de
leabhar Bhochanain aig na Stiùbhartaich, bhon a tha ainm nighean Sheumais, ’s e
sin Ealasaid, air duilleig-chùil an lethbhric a tha ann an Leabharlann Oilthigh
Dhùn Eideann.
’S e ceum mòr a bha ann, an leabhar beag ud a chur an
clò, agus leis na tha againn a-nise de dh’ eòlas air modhan-obrach Bhochanain,
tuigidh sinn nas fheàrr carson. Bha linn
ùr a’ fosgladh do na Gàidheil, agus bha gleusan tur ùr anns na laoidhean
seo. Bha iad air am bonntachadh air
laoidhean is dàin Bheurla, agus air ceistean is modhan-smaointeachaidh a bha a’
buntainn ri saoghal eile seach a’ Ghaidhealtachd, ged a bha iad aig cridhe a’
chreidimh Chrìosdail. Ach chaidh aig
Bochanan air dreach tur Ghàidhealach a chur orra, an leithid de dhòigh ’s nach robh
an luchd-leughaidh idir mothachail air na h-iasadan a ghabh e bhon
Bheurla. Saoil an robh muinntir a latha
fhèin, na Stiùbhartaich agus an leithid, a’ tuigsinn a’ ghnothaich?
Ciamar a tha na laoidhean aig Bochanan ‘ùr’, ma tha? Tha cuid dhiubh, mar a tha ‘Là a’
Bhreitheanais’, gu math sean a thaobh a’ chuspair, ach chan ann mar sin a tha
iad uile. Tha a’ chiad laoidh san
leabhar, ‘Mòrachd Dhè’, a’ tighinn gu smior na cùise. Tha Bochanan a’ cur ceist a bha aig meadhan
feallsanachd na h-ochdamh linn deug – agus ’s e sin, ciamar a tha sinn a’
tuigsinn gu bheil Dia ann, is cò e?
Fhuair Bochanan a cheann-teagaisg, agus riochd nan smuaintean, bho Isaac
Watts, agus chuir e a dhreach fhein air measgachadh a rinn e de thrì laoidhean
le Watts. Bha e ag agairt nach dèan
sinn an gnothach le Reusan a-mhàin – tha ar tuigse ro bheag is ro
chuingealaichte. Feumar soilleireachadh
an Spioraid, feumar dol os cionn Reusain – gu Taisbeanadh (Revelation). Nise, ma
smaointicheas sinn air feallsanaich mhòra mar Dhaibhidh Hume a bha nan
luchd-àichidh, tuigidh sinn gun robh Bochanan a’ deasachadh nan Gàidheal gu
bhith a’ seasamh an aghaidh cuid de na beachdan a bha ag èirigh às an
t-Soilleireachadh (Enlightenment). Chan e ‘laoidh’ a tha an seo idir anns an
t-seagh anns an tuig sinne laoidh, ach ‘argamaid’ ann an riochd dàin, a
bheireadh daoine leotha air an teangaidh.
Seo agaibh am maighstir-sgoile, an t-ollamh ionnsaichte, gar teagasg.
Tha an Reusan, ged tha, anabarrach follaiseach anns na
dàin ag Bochanan, ged a tha e fhèin ag aideachadh gu bheil e ‘a’ teachd
geàrr’. Tha e ag ràdh ris an
leughadair, ‘Smaointich’! Tha ‘gliocas’
faisg air a chridhe, mar a chìthear anns an laoidh ‘Am Bruadar’, far a bheil e
a’ beachdachadh air sonas, agus dè a tha ann an sonas. Agus tha e a’ togail ceist mhòr mu dè a tha
ann an ‘gaisgeach’, agus tha e a’ dèanamh sin am feadh ’s a tha ùpraid is faram
is brùidealachd Bliadhna Theàrlaich fhathast beò ann an inntinnean dhaoine.
A-rithist, ’s fhiach beachdachadh air a’ chuspair a tha
aig aon de na dàin as ainmeile aige, ’s e sin ‘An Claigeann’. Ged a fhuair Bochanan a chuid smuaintean
bunaiteach bhon dàn Bheurla aig Raibeart Blair, ‘The Grave’, tha e a’ cur a
dhreach fhèin air na daoine ‘samhlachail’ a tha, ma dh’fhaoidte, air an riochdachadh
leis a’ chlaigeann seo. Tha e a’
bruidhinn ris a’ chlaigeann, mar gum biodh e (no i!) anns an sgoil aige, agus
tha e a’ foighneachd na ceiste, ‘Cò thu?’
Ach ’s e cho dàn ’s a tha Bochanan a’ dol air ‘rian sòisealta’ a latha,
a tha air a riochdachadh aig deifir ìrean, a tha a’ comharrachadh an dàin. ’S e an t-uachdaran fearainn as motha a tha
a’ faighinn deagh bhreabadh. Tha an
seòrsa gearain sin cho sean ris a’ cheò, agus gheibhear e ann am ‘Piers
Plowman’ anns a’ Bheurla, ach tha Bochanan mar gum biodh e air a chlaidheamh a
lìomhadh airson adhbhar sònraichte. Ge
bith dè am mìneachadh a bheir sinn air an dàn seo, chan e idir ‘laoidh’ a tha
ann, anns an t-seagh gu bheil Dia ga mholadh ann. ’S e dàn rabhaidh a tha ann,
brosnachadh gu atharrachadh beatha, mar a tha anns ‘A’ Gheamhradh’. Tha e follaiseach cuideachd gun robh an dàn
mar a rinn Bochanan e air tùs agus mar a chì sinn e anns na
làmh-sgrìobhainnean, gu math na bu nimheile, gu sònraichte mun uachdaran, na
tha an dreach deireannach anns an leabhar.
Chan eil fhios nach robh Bochanan seachd searbh sgìth de luchd nan
oighreachdan! Agus ’s ann aige a bha an
t-adhbhar. Ged a bha cuid a bhàillidhean, mar Ramsay, coibhneil ris, bha
feadhain eile, mar Sheumas Small, a thàinig an dèidh Ramsay, nach robh.
Tha a’ mhòr-chuid de na h-ochd dàin san leabhar aig
Bochanan air an cuimseachadh air an duine a thogas no a leughas gach dàn
(faicibh ‘An Geamhradh’ cuideachd, ged a tha Bochanan ag ainmeachadh fonn don laoidh seo anns an riochd sgriobhte). Bha Bochanan fhèin mothachail gun robh
‘leughadair’ a’ dol a bhith ann (‘A leughadair, a bheil e fior / Na chuir mi
cheana sìos am dhàn?’ – ‘Là a’ Bhreitheanais’), agus tha an tuigse sinn a’
stiuireadh a smuaintean. ’S e saoghal
nan leabhraichean, saoghal an leughaidh, a tha gu ìre mhòir a’ nochdadh anns an
leabhar aig Bochanan. Agus is beag an
t-ioghnadh, bhon a bha e fhèin cho ionnsaichte ann an litreachas.
Na
dàin neo-aithnichte (gu ruige seo)
Mar a thubhairt mi cheana, tha sia dàin eile ann an
Làmh-sgrìobhainnean MhicLathagain a dh’fhaodas sinn a chur fo ainm Bhochanain,
ged nach eil iad a’ nochdadh anns an leabhar chlò-bhuailte. Tha a’ mhòr-chuid air am bonntachadh air dàin
anns an leabhar Bheurla a bu mhotha a bha Bochanan a’ cleachdadh mar bhunait da
chuid obrach, ’s e sin Horae Lyricae
aig Isaac Watts. ’S e am mion-sgrùdadh a
rinn mi air stoidhle laoidhean aithnichte Bhochanain (anns an deasachadh ùr) a
thug an comas dhomh na dàin seo uile a chomharrachadh mar shaothair Dhùghaill,
gun teagamh sam bith.
Tha trì dàin ann a tha air an tarraing gu dìreach bhon
phàirt de leabhar Watts air an tug e an t-ainm ‘Moral Songs’, agus far a bheil e a’ mìneachadh adhbhar nan
dàn mar a leanas:
‘A SLIGHT SPECIMEN; Such as I wish some happy and
condescending Genius would undertake for the use of Children, and perform much
better…This would be one effectual way to deliver them from those idle, wanton,
or profane songs, which give so early an ill taint to the fancy and memory; and
become the seeds of future vices’.
’S iad na dàin a tha air an eadar-theangachadh: ‘The
Sluggard’ (‘Itheam-Olam-Cacaim-Caidleam’); ‘The Thief’ (‘Làmh Slaodadh Rium’);
agus ‘The Ant, or Emmet’ (‘An Seangan’).
Tha am modh eadar-theangachaidh snasail, ’s a’ cumail gu math faisg air an
teacst Bheurla, ach le atharrachadh no dhà a tha a’ cur dreach nas
Gàidhealaiche air an eadar-theangachadh. Bha Bochanan air leth ealanta anns a’
chleas sin.
A bharrachd air na trì dàin sin, tha dà dhàn eile ann
a tha stèidhichte gu ìre air dàin ann an Watts, a tha a’ nochdadh beagan nas
tràithe na dàin na cloinne ann an Horae
Lyricae, anns an earrainn air an tug e fhèin ‘Divine Songs’: ‘Our Saviour’s
Golden Rule’ (‘Riaghailt Òra an t-Slànaighir’), agus ‘Glory to the Father and
to the Son &c.’ (‘Cliù-Ràdh Iud. 24.25’).
Chan eil iadsan cho faisg air Watts ’s tha an fheadhainn eile, ach tha buaidh
Watts follaiseach annta, agus gu sònraichte ann an ‘Riaghailt Òra an
t-Slànaighir’.
’S e mo bharail fhìn gu bheil e gu math coltach gun do
dh’eadar-theangaich Bochanan na dàin sin airson an teagasg don chloinn anns an
sgoil aige fhèin ann an Raineach. Tha
cànan nan dàn seo sìmplidh, soilleir, da rèir.
Ach tha aon dàn eile ann an cruinneachadh
MhicLathagain a tha, nam bharail-sa, fada nas fheàrr na bàrdachd sam bith eile
a tha againn fo ainm Bhochanain gu ruige seo.
’S e sin an dàn eireachdail ‘Mu Thimcheall Mòrachd Dhè’. Bidh cuimhne agaibh gur h-e ‘Mòrachd Dhè’
ainm na ciad laoidh anns an leabhar aig Bochanan, ach chan e sin an t-ainm a
tha oirre anns na làmh-sgrìobhainnean, far a bheil i fon ainm ‘An Cruthadair
agus na Creutairibh’ (ainm aon de laoidhean Watts). Chaidh a h-ainm
atharrachadh airson an leabhair, a rèir choltais. Tha ceangal eadar an dàn sin agus an dàn seo
ann an cruinneachadh MhicLathagain, ach chan ionann idir an dà oidhirp.
Tha ‘Mu Thimcheall Mòrachd Dhè’ a’
tòiseachadh leis an aon cheist, ach tha e a’ freagairt na ceiste le dealbhan
àlainn den chruthachadh agus de bhaile-còmhnaidh Dhè. Chìthear deàlradh nan reultan agus nam
planaid, agus cluinnear fonn a’ chruthachaidh, a’ seinn òran-molaidh don Dia a
chruthaich iad. Ged a tha buaidh Watts
follaiseach anns an dàn, chan eil Bochanan fo smachd Watts, agus chan eil aon
dàn sònraichte ann an saothair Watts a tha e ag eadar-theangachadh, ged a tha e
a’ togail corra rann is corra smuaint bho Watts. Tha snas is sùbailteachd is saorsa aig cridhe
an dàin seo nach fhaighear ann an gin eile de laoidhean aithnichte Bhochanain,
agus uaisleachd cànain cuideachd. Carson
nach do chuir e an laoidh seo anns an leabhar chlò-bhuailte ann an 1767?
Co-dhunadh
Tha e freagarrach crìoch a chur air an òraid seo le
ceist, oir, mar a thubhairt mi aig toiseach gnothaich, tha iomadh ceist, iomadh
dìomhaireachd, air a fighe ann am pearsa agus ann am beatha agus ann an
saothair Dhùghaill Bhochanain. A
dh’aindeoin sin uile, tha mi an dòchas gun deachaidh agam air ceist no dhà a
fhreagairt, agus gun d’fhuair sibh sealladh ùr air an duine fhèin, air a
thàlantan mòra, agus air a bhàrdachd.
Nam bharail-sa, bha e gun choimeas na linn agus na latha – agus is math
a bhith a’ togail a chliù, le barrachd tuigse, dà cheud gu leth bliadhna an
dèidh don leabhar aige nochdadh.
No comments:
Post a Comment