RIONNAG AR DOCHAIS
(Air fonn: 'Bun Easain')
Thig gu ar còmhnadh,
’N saoghal cho brònach,
Deòir air gach sùil;
Caoidh nan daoin’ òga
Mharbhadh le fòirneart,
Cridheachan breòite,
Gun sòlas, gun iùl.
Sa Bhail’ Ur ud thar sàile
Thainig an tàirnean,
Buille bho nàmhaid
Ris nach robh dùil;
Nollaig na h-àilleachd
Faisg air gach fàrdaich,
Thionndaidh gu àmhghar,
’S gun slànaighear dlùth.
Gu grad thàinig mùchadh
Air aighear is sùgradh,
Clann air an ciùrradh
’S gunnair gan sgiùrs’;
Leagadh gun diù iad,
An òig’ air a diùltadh,
Am blàth air a spùinneadh
Gun abachadh flùir.
Thùirling an ceò oirnn,
Tiugh agus deamhnaidh,
Nuair a bha dòchas
Ri ceòl agus sùnnd;
San taigh a bha beòthail,
Tha faire is dòlas,
An àite na còisir
Bha togail a’ chiùil.
Rionnag ar dòchais,
Thig oirnn led bhòidhchead;
Deàlraich do lòchran
’S gach oisean is cùil;
Rannsaich ar dòighean,
Sgrùdaich ar bòidean
’S an t-olc a tha còmhnaidh
Am meadhan ar rùin.
Glan sinn bhon bhreunachd
Tha milleadh ar reusain,
Dìoghaltas fèineil
Air a shèideadh le tnù;
Seall praiseach na spèise
Is naoidhean na rèite,
Is deònaich gur lèir dhuinn
Criosd ar ceann-iùil.
Thusa a bhàsaich
Air crann air ar sgàth-ne,
A shireadh ’s a theàrnadh
Peacaich gun chliù;
Furtaich, a Shlànaighir,
Caisg gach nì gràineil,
Glan sinn bhon tràilleachd
Rinn mort sa Bhail’ Ur.
16.12.2012
---------------------------------
AN CRIOSD A-MHAIN
An Crìosd a-mhàin, tha dòchas dhòmhs’,
Mo sholas e, mo neart, ’s mo dhàn,
Clach-oisne e, leac cruaidh fom bhonn,
Nach caraich tart no stoirmean grànd’.
O, ’n àirde gràidh, an doimhneachd sìth,
Nuair tha gach eagal ’s strì aig crìch!
Mo chomhfhurtair, is m’ uile nì,
Bonntacht’ air gràdh Chrìosd tha mi.
An Crìosd a-mhàin a thug air feòil,
Seo lànachd Dhè an leanabh maoth!
An tiodhlac gaoil is fìreantachd,
Fo dhìmeas aig gach peacach baoth.
Ach, air a’ chrann nuair bhàsaich Crìosd,
Bha fearg ar Dè a-nise dìolt’,
Oir bha gach peacadh air-san sìnt’;
Bonntaicht’ am bàs Chrìosd tha mi.
An sin bha chorp san talamh sìnt’,
Bha soills’ an t-saoghail fo sgàil a’ bhàis,
Ach dhealraich là an àigh a-rìs,
Is dh’èirich e bhon uaigh gu h-àrd;
Is bhon a thug e buaidh san t-srì,
Tha mallachd peacaidh nis gun chlì,
Oir ’s leamsa e, ’s is leis-san mì,
Saorte le fuil phrìseil Chrìosd.
Bho chionta beath’ is eagal bàis,
Bidh cumhachd Chrìosd gu bràth gam dhìon;
Bho thùs mo rèis gu crìoch mo là,
Gun treòraich Ios’ mo dhàn le cinnt’.
Neart ifrinn fhèin, no seòltachd dhaoin’
Mo spìonadh às a làimh, cha dèan;
Gu ’n tig e fhèin, no àm mo ghairm,
Bonntaicht’ an neart Chrìosd bidh mi!
Original English words by Stuart Townend (Mission Praise,
No. 1072)
-----------------------------------
IS TUSA FACAL DHE AN T-ATHAIR
’S tusa facal Dhè an t-Athair
Mus do thòisich tùs nan là,
Tha gach rionnag agus planaid
Air an cruthachadh led làimh;
Tha an domhan uile ceangailt’
Led ghuth neartmhor anns gach àird;
Biodh an speur a’ seinn mud ghlòir-sa,
Biodh gach cuan is tìr ri gàir.
’S tusa ùghdar na tha cruthaicht’,
’S tus’ an Tighearn’ os cionn gach nì,
’S falbhaidh guth do ghaoil le aoibhneas
Feadh gach tìr.
Dh’fhàg thu làthaireachd nan ainglean,
Gu bhith lorg gach caillteach truagh,
Thug thu seachad sòlas nèamhaidh
Airson crann a’ cheusaidh chruaidh;
Is led ùrnaigh bhiadh thu ’n t-acrach,
Le facal chiùinich thu a’ ghaoth,
Ach gu sàmhach rinn thu fulang,
Gus am biodh gach ciontach saor.
Le iolach, dh’ èirich thu gu buadhmhor,
Chuir thu ’n uaigh gu teann fo chìs,
Agus chaidh thu do fhlaitheas,
Toirt nam prìosanach nad dhèidh;
Tha thu nis fa chomhair d’ Athar
’G eadar-ghuidh’ airson do threud,
’S bho gach cinneadh, cainnt is fine,
Stiùireadh pheacach thugad fhèin.
The original hymn, ‘You’re the word of God the Father’, is
by Stuart Townend (MP 1141).
Special request: Could you please post your Gaelic translation of "How Deep is the Father's Love"? Tapadh leibh!
ReplyDeleteEmily