GAIRM AGUS SAOGHAL NAN GAIDHEAL
Dòmhnall E. Meek
Nuair a chaidh a’ chiad àireamh de Ghairm
fhoillseachadh ann an 1952, bha mise trì bliadhna a dh’aois. Tuigidh sibh mar sin gu bheil mi fhìn agus an
coileach nar comhaoisean! Ach is beag
mo chuimhne air na làithean ud. Tha deagh chuimhne agam air Crùnadh na
Bànrighinn, ach, mo thruaighe, chan eil cuimhne agam air là a b’ fheàrr
buileach, agus b’ e sin crùnadh a’ choilich.
Bha na lathaichean fad às ud làn de dh’annasan eile, agus b’ e coileach
na croite a b’ fhaisge orm anns gach dòigh.
Ach am beagan a dh’ionnsaich mi
mu shaoghal nan Gàidheal anns na deich bliadhna eadar 1952 agus 1962, b’ ann
bho Ghairm fhèin a dh’ionnsaich mi e, ’s mi gam bhogadh fhìn anns gach
àireimh den iris an dèidh làimhe, mar gum biodh.
’S ann nuair a chaidh mi do Sgoil Chòrnaig Mhòir ann an
Tiriodh ann an 1961 a chuir mi eòlas air Gairm an toiseach. Bha am maighstir-sgoile a bh’ againn aig an
àm sin, Ailean Dùghallach, fear a mhuinntir an Obain, air leth moiteil às a’
Ghàidhlig, agus bhiodh e a’ faighinn pasgan de Ghairm an ceann gach
ràithe. Bhiodh e gan toirt dhuinne
airson an toirt dhachaigh gu ar pàrantan.
Bha duine gasda eile againn ann an Tiriodh, a rugadh ri taobh an Oval
ann an Sasainn, agus a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig gu ìre fileantachd – agus
fileantachd Thirisdeach a bharrachd. B’ esan mo charaid gràdhach Gordon Donald
ann a’ Bhalla. Bu mhòr an taic a thug Gòrdon nach maireann do Ghairm
agus don Ghàidhlig, an dà chuid mar sgrìobhaiche agus mar fhear-brosnachaidh luchd-leughaidh. Chìthear annas a làimhe fhèin ann an Gairm
no dhà, ’s e mar a bu trice ag eadar-theangachadh nan sgeulachdan aig Guy de
Maupassant don Ghàidhlig.
Beag air bheag, chuir sinne nar n-òganaich eòlas air Gairm.
Nuair bha mi anns an treas bliadhna nochd taghadh de dh’iomraidhean goirid
Gàidhlig a sgrìobh an clas Gàidhlig anns an robh mise – sgeulachdan is
bloighean de sheanchas an eilein – anns an iris. Bha Gairm mar sin a’ brosnachadh
leughadh na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan, agus a’ brosnachadh
sgrìobhadairean òga. ’S iad Gairm
agus na Duilleagan Gàidhlig ann an Life and Work an dà iris
Ghàidhlig a bhiodh a’ tighinn thugainn aig an àm sin. Cha robh litreachas sgrìobhte na Gàidhlig ach
gann ann an Tiriodh aig toiseach nan trì-ficheadan.
Is cinnteach nach robh dòighean nan Tirisdeach
iongantach. Tha amharas agam gun robh
maighstirean-sgoile thall ’s a-bhos air feadh na Gàidhealtachd ris an aon
obair. Bha Gairm aig an àm sin a’
feuchainn ri dàimh làidir a chruthachadh ris na coimhearsnachdan Gàidhlig agus
ris na sgoiltean. Tha mi a cheart cho
cinnteach gun robh an aon rud a’ tachairt fad nan deich bliadhna roimhe
sin. Ma bheir sinn sùil air ais anns na
h-àireamhan den iris a nochd anns na lethcheudan, chì sinn nach ann an asgaidh
a chaidh Gairm a stèidheachadh.
Bha spàirn mhòr, mhòr aig Ruaraidh MacThòmais agus aig Fionnlagh
Dòmhnallach, ’s iad a’ dèanadh an dìchill feuch am maireadh Gairm fad na
dà bhliadhna a chuir iad roimhe anns a’ chiad dol a-mach. Cha robh cùisean idir gealltanach. Bha an luchd-leughaidh tearc, agus bha an
t-airgead gann. Bha cudthrom mòr ga chur
air sanasachd mar bhonn-stèidh don iris. Bha daoine dìcheallach an iomadh àite
a’ feuchainn ri sgillinnean a thrusadh a bheireadh taic don iris. Ach bha amharas air feadhainn cuideachd, ’s
cuid den bharail gur h-ann a’ feuchainn ri cur às don Ghàidheal, iris a’
Chomuinn Ghàidhealaich, a bha an coileach dalma a bha a-nise air nochdadh air a
dhùnan fhèin.
Is cinnteach gura beag a shaoil Ruaraidh is Fionnlagh gum
maireadh Gairm lethcheud bliadhna.
Bha iad taingeil, anns na ciad bhliadhnachan ud, nan ruigeadh iad ceann
gach bliadhna. An-diugh, tha e duilich
dhuinne a thogadh fo spiris a’ choilich ghasda ud a bhith a’ beachdachadh air
fàrdach fhalamh, far nach eil an coileach a’ gairm air faradh. Dh’fhàs sinn cho eòlach air a ghleusan. Agus tha sinn ga ionndrainn gu mòr. Thàinig Gairm gu bhith na phàirt air
leth luachmhor de bheatha nan Gàidheal, agus mar bhonn-stèidh do
dh’ath-bheothachadh litreachas na Gàidhlig anns an dàrna leth den fhicheadamh
linn. Ach cha b’ e sin an coltas a bha
air cùisean nuair a thòisich an dithis ud air an oidhirp ionmholta seo.
Nuair a chaidh Gairm a chur air chois, bha an
luchd-deasachaidh a’ leantainn eisimpleir na h-iris, Alba, a nochd ann
an 1948. Chaidh an iris sin a
chruthachadh leis a’ Chomunn Ghàidhealach, agus cha b’ ann gun saothair. Chaidh a deasachadh le dà mhinistear – bha na
ministearan air leth follaiseach anns a’ Chomunn anns na làithean ud – Tòmas M.
MacCalmain agus Calum MacIlleathain.
Bha an Comunn air a bhith a’ strì fad dà bhliadhna feuch an rachadh aige
air Alba fhoillseachadh, agus nuair a nochd e, cha do nochd e ach aon
turas. ’S e iris an dà chuid sa
Ghàidhlig agus sa Bheurla a bh’ ann an Alba. Agus, ged nach do shoirbhich le Alba a
dh’aindeoin na Beurla, bha Gairm cho dàn ’s gun do thaobh e ris a’
Ghàidhlig a-mhàin.
’S e saoghal cugallach a bh’ ann gu dearbh. Cha robh airgead-taic a b’ fhiach an t-ainm
ann don Ghàidhlig aig an àm ud. Cha robh
subsadaidh no tabhartas a’ tighinn bho sporan an Riaghaltais. Cha robh ann ach ‘Iain, thoir thu fhèin
às’. Bha an saoghal ag atharrachadh gu
luath cuideachd. Ma sheallas tu anns a’
chiad chuid de dh’àireamhan Ghairm, chì thu gun robh seann ghaisgich na
Gàidhlig, a chùm a’ bhratach ri crann fad na mòr-chuid den fhicheadamh linn,
a-nise a’ leigeil dhiubh an dreuchdan.
Bha cuid dhiubh fhathast air chomas beagan a sgrìobhadh do Ghairm
– daoine mar Dhòmhnall MacPhàil (‘Litir Dhòmhnaill’) agus Niall MacIlle
Sheathanaich – ach cha b’fhada a mhair iad.
Bha an t-Urramach Coinneach MacLeòid fhathast ann an tir nam beò, ach
bha an dara cas aige anns an iùbhraich a bheireadh an t-aiseag dha do Thìr nan
Og, far an robh a chòmhnaidh spioradail on a rugadh e ann an Eilean Eige.
Tha iomadh ulaidh phrìseil ann an Gairm bho na
làithean tràtha ud, ach is toigh leam fhìn gu sònraichte na dealbhan brèagha a
thug na fir-deasachaidh dhuinn de na seann ghaisgich, anns an t-sreath àlainn,
‘An Aithne Dhuibh…’, far am faigheadh tu iomradh air cuid mhath de na daoine
ainmeil a bha a’ cuideachadh adhbhar na Gàidhlig ro 1950 agus fad nan
lethcheudan. Nochd Coinneach ann an Gairm
mus do ràinig e Tìr nan Og, ’s a h-uile dùil aig na fir-deasachaidh gur h-ann
don t-sìthean a thilleadh e latha sam bith.
Chaidh aca air a cheapadh mus do thog an sluagh e! Is cinnteach gur h-e seòrsa de scoop a
bha aca (aig Gairm, tha mi a’ ciallachadh). Nochd geàrr-chùnntasan air daoine ainmeil
eile a chuir mòran ri càrn ar litreachais agus ri dualchas na Gàidhlig.
Ged a bha e an eisimeil an t-seann ghinealaich gu ìre, bha Gairm
a’ feuchainn ri sgioba ùr de sgrìobhadairean altraim an àite nan seann
laoch. Bha cuid ann a bha aig àirde an
comais nuair a thòisich Gairm. B’
e aon dhiubh sin an t-Urr. Tòmas M. MacCalmain, ministear eaglais Ghàidhlig St
Columba-Copland Road, agus fear a bha ealanta mar shearmonaiche, mar
sgrìobhadair agus mar chraoladair.
Bhiodh MacCalmain a’ sgrìobhadh earrainn fon ainm ‘Sùil mun Cuairt’, far
an robh e a’ beachdachadh air saoghal nan Gàidheal, ’s gu sònraichte air cor is
beòshlaint nan croitearan agus leasachadh eaconomach na Gàidhealtachd. Sgrìobh MacCalmain iomradh air Coimisean ùr
nan Croitearan a chaidh a chruthachadh ann an 1955, agus ann an 1962 rinn e
sgrùdadh sgoinneil air na rinn an Coimisean anns na seachd bliadhna roimhe
sin.
Bha sgrìoban ùra gam fosgladh. Nochd sgeulaichean ùra mar an
t-Urr. Cailean T. MacCoinnich, ’s bàird mar Dhòmhnall MacAmhlaigh. Bha eagal am
beatha air Ruaraidh is Fionnlagh, a rèir choltais, gun rachadh luchd-leughaidh Ghairm
a throd riutha nuair a leughadh iad bàrdachd MhicAmhlaigh, a bha na b’fhaisge
air Ezra Pound na bha i air Donnchadh Bàn, agus chuir iad duilleag ealanta aig
ceann na sreath a’ sireadh bheachdan an luchd-leughaidh! B’ e siud an saoghal! Chùm Gairm air fad nam bliadhnachan ag
altram sgrìobhadairean ùra, ’s a’ cumail colbh ris an fheadhainn a bha air aois
abaich a ruigheachd. B’ e an t-altramas
sin, nam bheachd-sa, an rud a bu luachmhoire a rinn e.
Cha b’ e saoghal nam fear a-mhàin a bha ann, ged tha. Am measg nan sgrìobhadairean ùra a nochd, bha
àite sònraichte aig na boireannaich. Gu
dearbh, bha àite sònraichte ann do na boireannaich – ‘Gnothach Bhoireannach’, a
bha ga sgrìobhadh mar a bu trice le Cairistiona NicAoidh, agus Murdag
NicCoinnich. Bha sealladh nam ban
follaiseach anns a’ mhodh sgrìobhaidh, ged nach robh an t-uamhas
eadar-dhealachaidh anns na cuspairean.
Chòrd Billy Graham ri Cairistìona, ged nach do chòrd e ri Fionnlagh
Dòmhnallach! Ann an 1958, dh’innis
Criosaidh Dick do na Gàidheil mar a chaidh i fhèin is Lachaidh, a bràthair, a
sgìtheadh anns na beanntan, agus bha sin uamhasach ‘hip’ aig an àm.
Bha leacan an ùrachaidh sleamhainn ann an dòighean eile.
Anns an dearbh bhliadhna sin, nochd an sgeulachd ainmeil aig Fionnlagh
Dòmhnallach, ‘Air Beulaibh an t-Sluaigh’, agus cha mhòr nach deachaidh saoghal
na stòldachd bun-os-cionn nuair a chaidh teaghlach a’ mhansa a dhealbh mar a
bha iad. Bha fàire ùr a’ nochdadh, gu
sònraichte anns na trì-ficheadan – na ‘Swinging Sixties’. Bu tric a bhiodh
Criosaidh chòir a’ fosgladh an dorais air ùpraid is ulaidh-thruis fhalaichte na
dachaigh aice fhèin, ’s i a’ toirt luaidh air ‘Clann an Là ’n Diugh’ – agus ‘an
tòin an àird an adhair’ – anns na sgrìobh i anns an earrainn sin de Ghairm.
Leughadh tu Gàidhlig ann an Gairm de sheòrsa nach biodh am modh a’
ceadachadh a sgrìobhadh ann an àite sam bith eile.
Bha ‘Maise Gnùis’ ann, dhaibhsan a bha a’ cur feum air, agus
mòran mu nylon cho mhath ris a’ chlò.
Bha gnothaichean an taighe a-nise a’ faighinn àite dhaibh fèin ann an
iris Ghàidhlig. Agus bha dòigh-beatha
is gnothaichean pearsanta na croite a’
tighinn am follais. Bha Ceiteag
NicGriogair a’ sgrìobhadh gu snasail air a’ chuspair sin an dèidh 1970.
Bha ceangal aig Gairm ri iomadh cùl is ceàrn de
shaoghal nan Gàidheal, agus gu math tric bhiodh e a’ toirt sgleog air an
t-saoghal sin. Bha e an comas Ghairm
a bhith a’ criomadh ’s a’ càineadh nuair a bha feum air a sin. B’ e an Comunn Gàidhealach gun teagamh an
targaid a bu mhotha air an tug Gairm sad anns na lethcheudan, agus bha
tomhas den t-seann aimhreit follaiseach fichead bliadhna an dèidh sin. Tha deagh chuimhne agam air a’ chath theth,
theann, agus air na saighead-litrichean guineach, Gàidhealach a nochd ann an Gairm
nuair a chuir Dòmhnall Iain MacLeòid teagamh (agus toll?) anns an fhèileadh
agus cuid eile de chleachdaidhean nan Gàidheal.
Aon turas chaidh ‘Dòmhnall Donn’ – ’s e sin Tòmas MacCalmain
ann an Gaseat Steòrnabhagh – agus fir-deasachaidh Ghairm a-mach
air a chèile mu bhàrdachd ùr-nòsach na Gàidhlig, agus nochd ‘Donn Dòmhnall’ ann
an Gairm le ‘Cagailte Còmhradh’ (seach ‘Còmhradh Cagailte’, tuigidh
sibh). Chaidh na laoich ud a-mach air a
chèile mu rudan eile cuideachd – ’s iad fhèin a chaidh, am ministear ’s am
Marxist. Chaidh MacCalmain a throd ri
Dòmhnall Iain a-rithist nuair a sgrìobh e an t-alt connspaideach, ‘Poileatags
agus Eaglais Chrìosd’. Obh, òbh, b’ e
siud an saoghal, gu dearbh. Cha mhòr
nach robh mi fhìn a’ dol fon bhòrd a ghabhail fasgaidh nuair a thigeadh an
coileach agus coltas na còmhraig na shùil.
Bha fear òg eile ann, Iain A. Mac a’ Phearsain, a bhiodh a’
cur dheth mun òigridh agus a’ Ghàidhlig, agus a’ dèanamh a dhìchill a dh’aon
ghnothach bodaich a’ Chomuinn a chur nam boil – rud nach robh idir
duilich. Cha do thuig mi riamh cò e, ach
tha mi a’ tuigsinn gur h-ann an Uibhist a Tuath a tha fhreumhan, gun robh e
atomaig car tamaill, ’s gun robh e a’ frithealadh nam meadhanan ann an
Steòrnabhagh o chionn greise. Bu bheag a
shaoil bodaich a’ Chomuinn gun robh uiread a neart anns a’ ghaisgeach òg,
niùclasach ud a bha a’ cur sad às na h-itean aca. Mura d’fhuair an Comunn a shàrachadh le Gairm,
chan eil fhios cò fhuair.
Bha iomadh dòigh air deasbad a dhùsgadh,
no beachd a chur air adhart, agus b’ e aon dhiubh sin fealla-dhà. Bu tric a rinn mi fhìn gàire nuair a chìthinn
na dealbhan èibhinn – na cartoons – ann an Gairm. Bidh iad a’ toirt gàire orm fhathast. An dealbh as fheàrr leam chun an là
an-diugh, ’s e an dealbh a nochd còmhla ris an dàn, ‘Uibhist nan Sguaban
Eòrna’, agus aon sguab mhòr ag èirigh do na speuran à eilean beag bìodach am
meadhan a’ chuain. Chan eil fhios agam
dè thuirt am bàrd fhèin nuair a chunnaic e am magadh aig Aonghas, ach bu tric a
rinn Aonghas aoir den t-seòrsa sin. Bha
Hick math cuideachd. Bhiodh Hick mar a
bu trice a’ magadh air oifigearan mar an gàidsear agus am poileasman. Agus sìos tro na bliadhnachan, bhiodh Fear na
Cathrach – fear a mhuinntir a’ Chomuinn mhì-chliùitich ud, is cinnteach – a’
cumail rian air cùisean. Bhiodh, mas
fhìor, facal eirmseach aige mu choinneamh cuid de na h-earrainnean sgrìobhte,
’s e air uairean a’ togail phuingean asda, ’s a’ cur car neònach annta, mar
nach robh e buileach gan tuigsinn. Ged a
bha e bragail, is earball snasail tartain is speuclairean air, bha e cho tiugh
ri fàd mòna.
Bha fealla-dhà a’ dol anns an sgrìobhadh
cuideachd, eadar Fionnlagh Dòmhnallach agus ‘Am Bàrd Bochd’. Nochd ‘Cèilidh Mullach na Beinne’ leis ‘A’
Bhàrd Bochd’ ann an 1961 – pìos cho èibhinn ’s a leugh mi riamh, a’ tarraing às
na Summits mhòra a bhiodh aig
Kruschev is an Ceanadach, agus a’ tarraing às a’ Chomunn ’s às a’ Mhòd
aig an aon àm. Bidh mi fhathast a’
leughadh nan earrainnean sin, agus a’ dol nam lùban. Agus dè a b’fheàrr na Gàidhlig Hearach
Fhionnlaigh J., ’s e a’ toirt dealbh dhuinn air na bodaich ’s na cailleachan a
bha ann nuair a bha mi fhìn òg, ’s iad làn thapagan is ghuidheachan – mus
d’fhàs an saoghal spaideil is modhail is PC.
Is iomadh ta-tù anns an robh iad, agus dh’fhàg iomadh ta-tù (de sheòrsa
eile) làrach air an gàirdeannan.
Sin agaibh Gairm mar a bha e anns na lethcheudan agus
na trì-ficheadan – làn ’s a’ cur thairis le fiosrachadh is cruthachadh is
fealla-dhà is measadh air leabhraichean is clàir. Rud eile a tha follaiseach ann anns na
bliadhnachan sin, ’s e sin na bha de sgìreachdan air an riochdachadh am measg
nan sgrìobhadairean. Bu tric a bhiodh
fìor dheagh aistidhean a’ nochdadh bho thaobh Gheàrrloch agus na Comraich, is
taobh siar Rois. Bhiodh Cèitirin
NicMhathain à Inbhir Asdail – ’s e sin Kay Matheson, an tè a ghoid a’ Chlach –
a’ sgrìobhadh mu a ceàrnaidh fhèin.
Chunnaic mi cuideachd aiste ghrinn mu Eunabal (Embo) ann an Cataibh –
baile beag bòidheach far am faighear fuidheall de Ghàidhlig Chataibh gus an
là-an-diugh.
Agus nach bu tric a bhitheamaid a’ cluinntinn à Afraca a
Deas, far an robh an duine gasda ud, Donnchadh Mac Dhun Lèibhe, a’ gabhail
còmhnaidh. Ged a bha e ann am Pretòria,
cha robh beanntan is bòidhchead Mhuile, eilean àraich, fada bho smuaintean aig
àm sam bith. Bha alt aig Donnchadh air
bàrdachd a chruthachadh a bha sònraichte fhèin sgileil is lèirsinneach. B’ e clachair a bh’ ann a thaobh ceàirde,
agus clachair nam facal mar an ceudna.
Cha do leugh mise riamh dàn a dhrùidh orm uiread ’s a dhrùidh am
marbhrann, ‘Cràdh’, a rinn Donnchadh da bhean – aon eile de na h-ulaidhean
prìseil a nochd ann an Gairm, agus a mhaireas gu bràth:
Dh’aindeoin agairt is cuireadh, dh’aindeoin fàilte is furan
O chàirdean ’s o uile, gam thàladh do Mhuile,
Tha m’ fhuireach an sàmhchair
A’ feitheamh na h-uaire am faigh m’ anam fuasgladh,
’S an laigh mi ri d’ ghualainn, anns a’ chadal bhith-bhuan
sin
Bheir
suaimhneas on chràdh seo.
An dèidh 1970 thòisich Gairm air atharrachadh beag
air bheag. Bha deagh chnàmh-droma aig
a’ choileach, gun teagamh sam bith, agus lean an t-altramas luachmhor a bu dual
da. Bha sgrìobhadairean ùra a’ sìor
thighinn am bàrr, mar Eilidh Watt is Tormod E. Dòmhnallach, Iain Moireach is
Iain MacLeòid is Dòmhnall Iain MacIomhair, Maoilios Caimbeul is Dòmhnall
Alasdair (Dòmhnallach). Bha
luchd-ionnsachaidh barraichte a’ tighinn am follais cuideachd, mar Rob Shirley,
a bha cho sàr ealanta air na sgeulachdan, agus anns na ceithir-ficheadan nochd
bàird mar Fhearghus MacFhionnlaigh agus Sìne Cooper.
Bha an raon a’ leudachadh, ach bha an seann choluadar a’
bàsachadh. Beag air bheag chaill sinn
seann sgrìobhadairean Gheàrrloch is Chataibh.
Gu ìre ’s e searg nan sgìreachdan fhèin a bu choireach, ach is dòcha gun
d’fhàs sealladh Ghairm fhèin na bu chumhainge. Ghlac am bàs Donnchadh còir ann am
Pretòria. Bha an coileach ga chur gu
dhùbhlan, agus bha na h-itean a’ stèineadh ’s a’ tuiteam far earbaill le teas a’
mheadhan-latha.
Theireadh cuid gun do tharraing Gairm na b’ fhaisge
air saoghal foirmeil an litreachais anns na bliadhnachan sin an dèidh
1970. Ach mus tog sinn corrag a’
chronachaidh, feumaidh sinn aideachadh gun robh feum air a sin còmhla ris a’
chòrr. Bha beàrnan mòra a’ nochdadh ann
an saoghal an fhoghlaim nuair a thàinig leudachadh air cleachdadh na Gàidhlig
anns na sgoiltean agus anns na h-oilthighean.
Cha robh na cùrsaichean no na leabhraichean Gàidhlig ann a bha a’
freagairt air an t-suidheachadh, agus rinn Gairm a dhìcheall gus cùisean
a leasachadh.
’S ann air sgàth aon de na beàrnan sin a lìonadh a chaidh an
t-sreath ‘Bith-eòlas’ fhoillseachadh an toiseach, agus an ceann tacain chaidh a
cur a-mach mar leabhar. Anns an aon
dòigh, agus airson an aon adhbhair, nochd sreath acadaimeagach fon ainm
‘Ath-Sgrùdadh’, far an robh luchd-litreachais a’ faighinn a’ chothroim a bhith
a’ cur an cèill an smuaintean mu fheartan litreachas na Gàidhlig, eadar
bàrdachd is sgeulachdan. B’ e Iain Mac
a’ Ghobhainn a’ chiad fhear a sgrìobh pìos den t-seòrsa sin, air Donnchadh Bàn,
anns an Earrach 1982.
Dh’atharraich saoghal nan Gàidheal gu mòr anns an lethcheud
bliadhna a bha an coileach air an spiris, agus dh’atharraich e fhèin cuideachd,
ach bha e do-dhèante dhàsan gach feum is miann a shàsachadh, no a bhith beò gu
sìorraidh. Rinn e a dhìcheall, ’s e
fhèin a rinn, agus tha againne ri dhearbhadh fhathast gun dèan sinne nas fheàrr
na rinn esan. Bu mhòr, mhòr an
ro-shealladh, an rian agus an t-saothair a bha air chùl Gairm. Bu mhòr, mhòr an t-euchd e. Is e ioghnadh nan ioghnaidhean a tha ann gun
do mhair e cho fada.
Dh’fhàg Ruaraidh MacThòmais agus Fionnlagh Dòmhnallach
dìleab air leth luachmhor againn, agus cumaidh i cagnadh is cnuasachadh riumsa
agus ri iomadh neach eile fad iomadh bliadhna.
Ged a dh’fhalbh Gairm, mairidh na rinn e, agus cluinnear gleusan
a’ choilich cho fad ’s a bhios a’ Ghàidhlig ann. Dh’fhàg e deagh bhigeannan na dhèidh.
No comments:
Post a Comment